400 likes | 611 Vues
1901 - 2001. A' Ghàidhlig anns a' Chunntas-Shluaigh. Adhbharan Rannsachaidh. Tha am fiosrachadh furasta a lorg. (SCROL). Coimeas ri rannsachadh à Èirinn. (Hindley; Ó Murchadha; NUIM/NUIG; Walsh). An robh na mìneachaidhean a chualas roimhe a’ cleith na fìrinn?. ?.
E N D
1901 - 2001 A' Ghàidhlig anns a' Chunntas-Shluaigh
Adhbharan Rannsachaidh Tha am fiosrachadh furasta a lorg. (SCROL) Coimeas ri rannsachadh à Èirinn. (Hindley; Ó Murchadha; NUIM/NUIG; Walsh) An robh na mìneachaidhean a chualas roimhe a’ cleith na fìrinn? ? Feumaidh sinn ar suidheachadh a thuigsinn mus gabh sinn ceum air adhart. (Hale & Hinton) Mura bi Bile Gàidhlig bonntaichte air fìorfheumalachdan a’ chànain agus nan daoine a tha ga bruidhinn, am bi dad ann ach rud gleansach eile gun stàth? (Fishman) Iain Mac an Tàilleir, 2004
Mìneachaidhean Thathar a’ coimhead air luchd-labhairt a-mhàin. Tha ceudadan (m.e. 80%) a’ ciallachadh na tha de dhaoine ann an sgìre aig a bheil comas labhairt anns a’ Ghàidhlig. ‘S ann air na h-eileanan as motha a thathar a’coimhead, air sàilleabh ‘s gur e glè bheag asgìrean a th’ air fhàgail air tìr-mòr os cionn 10%. Tha sgìre a’ ciallachadh paraiste chatharra, roinn dùthcha oifigeil. Tha ceàrnaidh ga cleachdadh airson àite nas lugha air taobh a-staigh sgìre.
Tha na dathan seo shìos a’ riochdachadh na bhruidhneas a’ Ghàidhlig às a’ cheud ann an sgìre sam bith. Mar eisimpleir: Fàrr: 75% + 75% + Cill Fhinn: 50-74% Crombail: 25-49% 50-74% Bràigh Mhàrr: 10-24% Lus: < 10% 25-49% 10-24% < 10% 1901
Cunntas 2001 • Figearan Farsaing • “Gaidhealtachd” agus “Galltachd” • Gàidhlig anns na Sgoiltean • Fìor Ghaidhealtachd • Eadar 1901 agus 2001 • Cunntasan 1901, 1921, 1971 & 2001 • Coimeas tro na bliadhnaichean • An t-Eilean Sgitheanach • Sùil Gheur air 2001 • Na Sgìrean as treasa • An t-Eilean Sgitheanach • Na h-Eileanan Eile
Cunntas-sluaigh 2001 • Figearan Farsaing • Tha 58,652 daoine ann a bhruidhneas Gàidhlig. • Tha 92,396 daoine ann a bhruidhneas no thuigeas no leughas no sgrìobhas Gàidhlig. • Tha 3 ceàrnaidhean ann far a bheil a’ Ghàidhlig aig còrr is 80% de na daoine. • Tha 640 Gaidheal a’ fuireach ann an ceàrnaidhean os cionn 80%. • Tha 3,510 Gaidheil a’ fuireach ann an ceàrnaidhean os cionn 75%. >
Cunntas-sluaigh 2001 • “Gaidhealtachd” agus “Galltachd” • Dè tha “Gaidhealtachd” a’ ciallachadh? An e àite far am bruidhnear a’ Ghàidhlig? • A bheil daoine ann an ceàrnaidhean a bha Gaidhealach ginealach air ais nas bàidheile don chànan? • Tha 55.5% de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach anns na sgìrean tradaiseanta. • Tha 44.5% dhiubh a’ fuireach air a’ “Ghalltachd”. • A bheil a’ “Ghalltachd” a’ sìor fhàs cudromach ann an saoghal na Gàidhlig? • Tha ceàrnaidhean air a’ “Ghaidhealtachd” nach eil dad nas treasa na Coatbridge. >
Cunntas-sluaigh 2001 • Gàidhlig anns na Sgoiltean • Tha sgeamaichean Gàidhlig ann am bunsgoiltean na sgìre. • A bheil pàrantan ag ainmeachadh na cloinne sin mar luchd-labhairt na Gàidhlig? Thachair seo ann an Siorrachd Pheairt anns na 1980an. • A bheil figearan a’ Chunntais-shluaigh nas àirde na bu chòir air sàilleabh seo? >
Cunntas-sluaigh 2001 • Fìor Ghaidhealtachd • Ma tha a’ Ghàidhlig aig còrr is 75% de choimhearsnachd, bithear an dùil: • gur i a’ Ghàidhlig cànan na coimhearsnachd; • gun ionnsaich clann a’ Ghàidhlig anns an dachaigh ‘s anns a’ choimhearsnachd. • Tha 13 ceàrnaidhean mar seo an Alba, agus 3,510 Gaidheil a’ fuireach annta. • (Ann an 1981, bha 20,345 Gaidheil a’ fuireach ann an ceàrnaidhean os cionn 75%.) • (Ann an 1901 bha còrr is 100,000 Gaidheal a’ fuireach annta.) • A bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a’ faighinn cothrom a bruidhinn? • Cò iad co-dhiù – fileantaich, luchd-tòiseachaidh, clann sgoile? • Ri linn in-imrich a bheil cànan na coimhearsnachd air atharrachadh no a bheil dà • “choimhearsnachd” ann? • Cha ghabh na ceistean freagairt gun rannsachadh ionadail air cleachdadh cànain. >
Figearan Farsaing Alba air fad 230,806 Bliadhna 1901 Luchd-Labhairt 230,806* * 28,106 gun Bheurla idir
1901 Sgìrean Meaghrath: 50-74% An costa an iar/a tuatheadar An Apainn agus Am Blàran Odhar: 75% + Crombail: 25-49% A h-uile eilean eile: 75% + Blàr Athaill: 50-74% Muile (a tuath): 50-74% Both Phuidir: 50-74% Saghadal: 50-74% Arainn (an iar): 50-74% Arainn (an ear): 25-49%
Figearan Farsaing Alba air fad 158,779 Bliadhna 1901 1921 Luchd-Labhairt 230,806 158,779 * * 9,829 gun Bheurla idir
Sgìrean 1921 Fàrr: 50-74% Diùirnis: 50-74% Eadar Dhà Chaolas: 50-74% Loch Aillse: 50-74% Na h-Eileanan Tarsainn: 50-74% Gleann Eilg: 50-74% Àird Ghobhar: 50-74% A’ Mhorbhairne: 50-74% Cola: 50-74% Muile: 50-74% Cnapadal a Tuath: 25-49% A h-uile eilean eile: 75% + Arainn: < 25%
Coimeas eadar 1901 agus 1921 1901 1921
Figearan Farsaing Alba air fad 82,620 Bliadhna 1901 1921 1971 Luchd-Labhairt 230,806 158,779 82,620 * * 477 gun Bheurla idir
Sgìrean 1971 Steòrnabhagh: 50-74% Leòdhas agus Na Hearadh(gun Steòrnabhagh): 75% + Uibhist a Tuath: 75% + Cille Mhoire: 75% + Beinn nam Fadhla & Uibhist a Deas: 50-74% An còrr den Eilean: 50-74% Na h-Eileanan Tarsainn: 25-49% Barraigh: 75% + Cola: 25-49% Muile (a tuath): < 25% Muile (a deas): 25-49% Tiriodh: 50-74% Colbhasa: 50-74% Diùra : 25-49% Na Roinn Ìleach: 50-74% An còrr de dh’Ìle: 25-49% A’ Chomraich: 50-74% an aon sgìre air tìr-mòros cionn 50%
Coimeas eadar 1901 agus 1971 1901 1971 1901
Figearan Farsaing Alba air fad 58,562 Bliadhna 1901 1921 1971 2001 Luchd-Labhairt 230,806 158,779 82,620 58,652 * * ? gun Bheurla idir
Na h-Eileanan 2001 Leòdhas: 56% Na Hearadh: 69% Uibhist a Tuath: 67% Beinn nam Fadhla: 56% An t-Eilean Sgitheanach: 31% Uibhist a Deas: 71% Na h-EileananTarsainn: 17% Barraigh: 68% Cola: 12% Liosmòr: 29% Tiriodh: 48% Muile: 13% Saoil & Luinn: 4% Colbhasa: 23% Diùra: 11% Ìle: 24% Giogha: 14%
Tìr-mòr 2001 Na sgìrean far a bheila’ Ghàidhlig aig 10%co-dhiù den t-sluagh. 17% - Cinn Tàile MhicAoidh 11% - Loch Bhraoin 16% - Geàrrloch 17% - Loch Carrann 19% - A’ Chomraich 20% - Loch Aillse 19% - Cinn Tàile 17% - Gleann Seile 13% - Gleann Eilg 12% - Àrasaig & Mùideart 14% - Àird Ghobhar 18% - Àird nam Murchan 14% - A’ Mhorbhairne
Tìr-mòr 2001 Air taobh a-staigh nam paraistean catharra,tha ceàrnaidhean ann os cionn 25%. 35% - A’ Chomraich a Deas 32% - Àth Tharracail 28% - Taobh Mhealainis 28% - Bun na h-Abhann & Àird Tobha 27% - Diùirinis & An Druim Buidhe 27% - An t-Allt Beithe 27% - An Cùl-Chinn 26% - Dail Eildhe > Mìogharraidh 26% - Mealabhaig > Alltan Phàdraig 25% - Meallan Theàrlaich 25% - Àird an Arbha > Stèisean an Stròim > Acha Mòr 25% - Earbarsaig & Bada Call
Cunntas-sluaigh 2001 Na ceàrnaidhean as treasa a thaobh dumhlachd na Gàidhlig Sgalpaigh Na Hearadh 322 84% Truimisgearraidh > Port nan Long 106 84% Staoinibrig > Cill Donnain 212 82% Dalabrog & Gearraidh Sheilidh 208 79% Sgealasgro > Iorseadar > Linnseadar 66 79% Èirisgeigh 133 78% Brù 131 78% Baghasdal 427 78% Taobh an Iar na Hearadh 142 77% Eòlaigearraidh > Àird Mhidhinis 147 76% Lacasaigh > Sòbhal 136 76% Nis 1179 75% Bràgar 301 75% Gu h-iomlan 3510
Cunntas-sluaigh 2001 Na ceàrnaidheanas treasa ‘s as laige anns na h-eileanan Leòdhas: Sgealasgro > Linnseadar 79%Am Bràigh 41% Na Hearadh: Sgalpaigh 84%Àth Linne > Àird Àsaig 57% Uibhist a Tuath: Truimisgearraidh 84%Loch nam Madadh 52% Beinn nam Fadhla: Lìonacleit & Tòrlum 74%Baile a’ Mhanaich 37% Uibhist a Deas: Na Meadhanan 82%Mingearraidh > Àisgearnais 59% Barraigh: An Ceann a Tuath 76%Bhatarsaigh 56% An t-Eilean Sgith.: An Taobh Sear 61%Cealabost > Galtraigil 18% Muile: Fisinis 25%Àros 4% Ìle: Port na h-Abhainne 32% Goirtean Taoid 17%
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhliganns an Eilean Sgitheanach (31%) 61% - An Taobh Sear 54% - Tarsgabhaig & Achadh na Cloiche 48% - Cinnseaborg > Earlais 47% - Cille Mhoire 46% - Arnaiseadar > Ròmasdal 45% - Bràcadal 45% - Na Sgianaidean, Ròdhag, Orbost 43% - Tòrabhaig > Ostaig 42% - Ùige 41% - An Druim Fheàrna > Camas Cros 40% - Beàrnasdal > Sgeubost 38% - Ealaghol 38% - Mùigearraidh > Ùigiseadar 37% - Port Rìgh 36% - Ratharsair 35% - Minginis 35% - Borbh > Sgeirinis 34% - An Àird, An t-Òrd, Tòcabhaig 34% - Dùn Bheagain
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhliganns an Eilean Sgitheanach (31%) 33% - Am Mol & Sgonnsar 33% - Grìsinis > Pàirc Bheàrnasdail 33% - Am Bràighe 32% - Na Torran & Heasta 32% - Bhatairnis 30% - Òs > Uilinis 30% - Achadh a’ Choirce > An Leathallt 30% - Gleann Dail 29% - Roisgil, Heàrrlois, Bhatan, Feòirlig 29% - Breacais > An t-Àth Leathann 29% - Sligeachan > Gleann Breadail 29% - Armadal, Àird a’ Bhàsair, Cailigearraidh 25% - Caol Àcain 23% - Lùib > Allt a’ Choire 19% - Lusa > Caol Reatha 18% - Cealabost > Galtraigil
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Leòdhas (56%) 73% - Nis agus An Taobh Siar 78% - Brù 75% - Nis 75% - Bràgar 73% - Barabhas 72% - Siabost 70% - Gabhsann > Borgh 69% - Siadar & Baile an Truiseil 59% - Àrnol 70% - Càrlabhagh 72% - Càrlabhagh 70% - Brèascleit > Loch a’ Ghainmhich 68% - Tolastadh a’ Chaolais 61% - Na Dailean 68% - Ùig 79% - Sgealascro, Linnseadar, Iorseadar 68% - Giosla > Brèinis 64% - Beàrnaraigh
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Leòdhas (56%) 63% - An Loch a Tuath 70% - Griais & Gleann Tholastaidh 70% - Tolastadh 68% - Col Uarach 62% - Col & Am Bac 51% - Tong 61% - Na Lochan 76% - Lacasaigh - Sòbhal 69% - Ceòs 68% - Cromòr & Marbhaig 66% - Rànais & Crosabost 65% - Calabost, Grabhar, Leumrabhagh 60% - Grimiseadar, An t-Acha Mòr 57% - Liùrbost 53% - Àirigh a’ Bhruthaich, Isginn 51% - Baile Ailein 50% - Gearraidh a’ Bhàird > Sìldinis
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Leòdhas (56%) 56% - An Rubha 64% - An Cnoc & Suardal 59% - Gàrrabost 56% - Seiseadar 56% - An Àird > Port nan Giùran 56% - Pabail 50% - Aiginis 43% - Siadar an Rubha 44% - Steòrnabhagh 49% - Newmarket > Marybank 45% - Sanndabhaig & Ceann nam Buailtean 44% - Steòrnabhagh 41% - Mealabost & Bràigh na h-Aoidhe
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhliganns na Hearadh (69%) 84% - Sgalpaigh 77% - A’ Mhachair 72% - Hùisinis > Bun Abhainn Eadarra 69% - Rèinigeadal; Urgha > An Caolas 68% - An Tòb 68% - An Taobh Tuath 64% - Na Bàigh 64% - An Tairbeart 62% - Roghadal & Srannda 57% - Àth Linne > Màraig > Àird Àsaig
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Uibhist a Tuath (67%) is Beinn nam Fadhla (56%) 67% - Uibhist a Tuath 84% - Truimisgearraidh > Port nan Long 73% - Solas 71% - Griomasaigh 70% - Paibeil & Ceann a’ Bhàigh 70% - Càirinis 69% - An Taobh an Iar 67% - An Clachan > Am Baile Sear 64% - Cladach Chirceboist 63% - Beàrnaraigh 62% - Loch Euphort 52% - Loch nam Madadh 56% - Beinn nam Fadhla 74% - Lìonacleit & Cnoc na Mòna 70% - Creag Ghoraidh > Port Pheadair 65% - Grìminis & Uisgeabhagh 62% - Gramasdal & An t-Uachdar 59% - Baile nan Cailleach 37% - Baile a’ Mhanaich
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Uibhist a Deas (71%) is Barraigh (68%) 71% - Uibhist a Deas 82% - Na Meadhanan 79% - Dalabrog & Gearraidh Sheilidh 78% - Èirisgeigh 78% - Baghasdal 70% - An t-Ìochdar 66% - Snaoiseabhal > Loch Sgioport 64% - Gèirinis 60% - Loch a’ Chàrnain 60% - Loch Baghasdail 59% - Gearra-Bhailteas > Àisgearnais 68% - Barraigh 76% - Eòlaigearraidh > Àird Mhidhinis 74% - Am Bàgh a Tuath > Brèibhig 66% - Tangasdal > Bàgh a’ Chaisteil > An Gleann 62% - Cliaid > Borgh 56% - Bhatarsaigh
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an Ìle (24%) 32% - Port na h-Abhainne 29% - Port Sgioba 25% - Port Asgaig & Bun na h-Abhainn 24% - Beul an Àtha 24% - Port Ìlein 24% - A’ Chill 23% - Bogha Mòr 22% - An Àird Bheag > Àird Talla 22% - Gruinneart, Cill Chomain, Àird Nèimh 22% - Bruach a’ Chladaich 20% - An Obha 18% - Baile a’ Ghràna 17% - Goirtean Taoid 11% - Diùra
Cunntas-sluaigh 2001 Dumhlachd na Gàidhligann an eileanan Earra-Ghaidheal 48% - Tiriodh 4% - Saoil 13% - Muile 12% - Cola 7% - Èisdeal 3% - Luinn 25% - Fisinis 29% - Liosmòr 18% - Cuidhinis 18% - An Sàilean 17% - Grùilinn 16% - Taobh Ulbha 14% - Tobar Mhoire 13% - Creag an Iubhair 11% - Bun Easain 11% - Calgarraidh 10% - Fionnphort 8% - Àird Chiabhaig 7% - Bròlas 5% - Dearbhaig 5% - Eilean Idhe 4% - Misinis 4% - Àros
Cunntas-sluaigh 2001 Bha na ceàrnaidhean seo ann an Cataibh ann an sgìrean os cionn 75% ann an 1901. 28% - Taobh Mhealainis 27% - An Cùl-Chinn 16% - Baile Chnuic 13% - Diùirnis 13% - Cinn Tàile MhicAoidh 12% - Sgeiridh 11% - An Stòr 9% - Ùnabol > An Druim Beag 9% - Am Parbh, Hòb 9% - Fàrr, Armadal 9% - Port Sgeire 8% - Allt a’ Phuirt 8% - Am Blàran Odhar 7% - Srath Nabhair 7% - Lusard 7% - Ceann Loch Biorbhaigh 5% - Srath Healadail 5% - Sgobharaidh 5% - Loch an Inbhir 16% - Am Poll Bàn 15% - Achd Ille Bhuidhe 15% - Àird Mhèar > Ailbhinn 4% - Achadh Mhealbhaich 3% - Mealbhaich, Srathaidh 3% - An Leathad Mòr
Cunntas-sluaigh 2001 Bha na ceàrnaidhean seo ann an Ros is Siorrachd Inbhir Nis os cionn 75% ann an 1901. 35% - A’ Chomraich a Deas 27% - Diùirinis, An Druim Buidhe 27% - An t-Allt Beithe 26% - Mealabhaig > Alltan Phàdraig 25% - Meallan Theàrlaich 25% - Àird an Arbha, Stèisean an Stròim, Acha Mòr 25% - Earbarsaig, Bada Call 23% - Camas Luinne > Camas Longairt 22% - Am Ploc 22% - Taobh a Deas Loch Bhraoin 21% - Àird Eilbh > Abhairnis 20% - Baile Mac Ara 20% - Inbhir Ìonaid 19% - An Caol 18% - Gleann Eilg & Àrnasdal 18% - Portaigil > An Rubha Dearg 18% - Ràtagan > Leitir Fheàrna 17% - Nàst > An Uaghaidh 17% - Slumba, An Stròm (taobh a tuath) 17% - Loch Carrann 17% - A’ Chomraich a Tuath 17% - Toirbheartan 17% - An Leathad > Na h-Òbainean
Cunntas-sluaigh 2001 Bha na ceàrnaidhean seo ann an Ros is Siorrachd Inbhir Nis os cionn 75% ann an 1901. 16% - Geàrrloch 16% - Cluainidh > Drochaid Sheile > A’ Mhormhaich 16% - An Dòrnaidh & Bun Dà Loch 15% - Buaile na Lùib > Ormasgaig 15% - Àiliginn, Diabaig 15% - Cnòideart, Loch Nibheis 14% - Ceann Loch Iubh > Achadh na Sìne 14% - Sannda > Mungasdal 13% - Earradal a Tuath > Sannda Mhòr 13% - Srath Carrann > Achadh nan Seileach 11% - Achadh na Tràghad > Ciseorn 11% - Uachdar Thìre > Rèaraig 11% - Ulapul 10% - Poll Iubh 10% - Am Bad Luachrach > Doire nam Muc 9% - Achadh Dà Dhòmhnaill > Sgoraig 8% - Loch Ma Ruibhe 7% - Bruthaichean Ulapuil 7% - A’ Chathair Bheag > An Caolas 5% - Am Bràigh Mòr > Leac Mhailm 5% - Sìldeag > Balgaidh
Cunntas-sluaigh 2001 Bha na ceàrnaidhean seo anns na Garbh Chrìochan os cionn 75% ann an 1901. 32% - Àth Tharracail 28% - Bun na h-Abhann & Àird Tobha 26% - Dail Eildhe > Mìogharraidh 23% - Na Druimnean > Fionnairigh 19% - Mòrar 16% - Àird nam Murchan 15% - Gleann Ùige 15% - Àrasaig 14% - Taobh a Deas Loch Iall 14% - Sròn an t-Sìthein 12% - Loch Àlainn 12% - Taobh Loch Mhòrair 12% - Lìdeasdal > Inbhir Shannda 11% - ÀirdGhobhar 11% - Malaig 11% - Port na Croise 10% - Gleann Creurain 10% - Àth na h-Eilde > Rèiseapol Tha a h-uile h-àite eile a-nis fo 10%.
Cunntas-sluaigh 2001 Co-dhùnadh - 1 Tha a’ Ghàidhlig a’ crìonadh uabhasach luath ach chan eil càil nàdarra mu bhàs cànain. Bha an costa a tuath ‘s an iar na bu treasa ann an 1901 na na sgìrean as treasa anns nah-Eileanan Siar an-diugh. Cha robh buaidh cho uile-chumhachdach aig na mòr mheadhanan, in-imrich, siubhalagus dlùth-chruinneas ann an 1901 ‘s a th’ aca an-diugh – ach bha foghlam marbhteach. Cha robh iomallachd leatha fhèin gu leòr airson an cànan a chumail fallain. Bha na mìltean ann an 1901 gun Bheurla idir, agus buaidh aca air an coimhearsnachdan. A rèir nam figearan a-mhàin, tha àiteachan mar Sgalpaigh an ìre mhath cho làidir ‘s aa bha iad o chionn ceud bliadhna. Thairis air an fhichead bliadhna a dh’fhalbh, tha cor na Gàidhlig air piseach iongantacha dhèanamh: foghlam, craoladh, mothachadh, inbhe. Tha deagh naidheachd ann.
Cunntas-sluaigh 2001 Co-dhùnadh - 2 Tha na ceudan de chànanan ann an staid nas cugallaiche na a’ Ghàidhlig. Chan eil suidheachadh na Gàidhlig idir an-àbhaisteach no eadhon eu-dòchasach an tacari iomadach cànan eile air feadh an t-saoghail. Ged nach biodh Gàidhlig fhileanta aig a h-uile duine a tha a’ nochdadh anns na figearan,dh’fhaodadh iad a bhith feumail ann an dòigh phoilitigeach, a rèir MhicFhionghain. Chan eil na figearan ag innse dhuinn cò na 58,652 aig a bheil comas labhairt sa Ghàidhlig. A bheil an suidheachadh tur eadar-dhealaichte a-nis ‘s gu bheil Beurla aig a h-uile duine? Feumaidh an Riaghaltas, na h-ùghdarrasan ionadail, na buidhnean Gàidhlig agus nabuidhnean poblach planaichean cànain ciallach a dhealbhadh ‘s a chur an gnìomh. Feumar coimhead ri eisimpleirean à dùthchannan nas adhartaiche ‘s nas proifeiseanta naAlba, m.e. Canada, a’ Chuimrigh, Èirinn, Catalòinia, Lituania agus Dùthaich nam Basgach.