1 / 8

Dubh a’ Ghiuthais

Dubh a’ Ghiuthais. Sgeul bho bheul-aithris. Bho chionn fhada, bha Alba comhdaichte le craobhan. Chunnaic Rìgh Lochlainn seo agus bha e dubh bhrònach. Bha e airson cur às dhan choille bhrèagha seo bhon nach robh coille mar sin ann an Lochlann.

hada
Télécharger la présentation

Dubh a’ Ghiuthais

An Image/Link below is provided (as is) to download presentation Download Policy: Content on the Website is provided to you AS IS for your information and personal use and may not be sold / licensed / shared on other websites without getting consent from its author. Content is provided to you AS IS for your information and personal use only. Download presentation by click this link. While downloading, if for some reason you are not able to download a presentation, the publisher may have deleted the file from their server. During download, if you can't get a presentation, the file might be deleted by the publisher.

E N D

Presentation Transcript


  1. Dubh a’ Ghiuthais Sgeul bho bheul-aithris

  2. Bho chionn fhada, bha Alba comhdaichte le craobhan. Chunnaic Rìgh Lochlainn seo agus bha e dubh bhrònach. Bha e airson cur às dhan choille bhrèagha seo bhon nach robh coille mar sin ann an Lochlann.

  3. Thàinig an nighean aige. “Carson a tha sibh cho tùrsach?” dh’fhaighnich i. “Ma gheibh sibh bana-bhuidseach a chuireas mi ann an cruth eòin, cuiridh mi as dhan choille” dh’innis I dha h-athair. Fhuair iad bana-bhuidseach is chaidh a’ bhana-phrionnsa na h-eun geal. Rinn I air Alba.

  4. Thòisich i tighinn a-nuas ann an Alba agus far na laigh i, chuir i na craobhan nan smal. Leis an teine is an ceò, dh’fhàs an t-eun na eun grannda dubh. Dh’fhàs na daoine searbh den mhodh aice.

  5. Bha muinntir an àite airson stad a chur oirre ach bha seo doirbh. Fhuair iad a-mach ge-ta gun robh cridhe bhlath aice is gun robh i uabhasach deidheil air is curamach do bheathaichean. An uairsin, thainig innleachd a-steach air cuideigin.

  6. Dhealaich iad na beathaichean òga bho na mathraichean – na laoigh bho na bà, na searraich bho na h-eich, na minn bho na gobhraichean, na cuileanan bho na coin, na h-uirceannan bho na muic, na h-uain bho na caoraich, na h-iseanan bho na cearcan is na piseagan bho na cait. Chuir iad na mathraichean ann an aon ghàrradh agus an t-àl ann am fear eile.

  7. Dh’èirich fuaim truagh – sitrich, geumnaich is ranail tiamhaidh. Chuala Dubh a’ Ghiuthais am fuaim uabhasach seo – fuaim bu tiamhaidh a chuala cluas a-riamh. Thàinig i a-nuas is làigh i air an talamh ri an taobh. Cho luath sa bha I sìos, chuir fear saighead na crìdhe.

  8. Nuair a lorg muinntir an aite a corp, cha b’e eun dubh a bh’ann ach bana-phrionnsa bhrèagha. Chuala an rìgh mar a thachair is chuir e bìrlinn mòr le sgioba calma a dh’Alba airson a’ chuirp a thoirt dhachaigh a Lochlann. Dh’fheuch iad trì tursan ach gach turas, chuir stoirm mhòr stad orra. Mar sin dheth, chaidh Dubh a’ Ghiùthais a thiodhlacadh ann an Alba agus tha àite faisg air Ulapul far a bheil an t-uaigh aice.

More Related